ИСТИНА |
Войти в систему Регистрация |
|
ИСТИНА ИНХС РАН |
||
’S ann o chionn 56 bliadhna a chaidh ciad Chòmhdhail Eadar- Nàiseanta na Ceiltis a chumail ann am Baile-Àtha-Cliath ann an 1959 fo stiùireadh an Ollaimh Brian Ó Cuív nach maireann agus, on uair sin, tha a’ cho-labhairt cheithir-bhliadhnail seo air fàs mar a tha an raon fhèin air fàs agus i a-nis mar a’ cho- labhairt sgoilearach as motha a tha a’ dèiligeadh ri cuspairean na Ceiltis. Gu ruige seo chumadh a’ Chòmhdhail ann an Cardiff (1963), Dùn Èideann (1967), Rennes (1971), Penzance (1975), Gaillimh (1979), Oxford (1983), Swansea (1987), Paris (1991), Dùn Èideann (1995), Corcaigh (1999), Aberystwyth (2003), Bonn (2007) agus Magh Nuad (2011). Tha a’ Chòmhdhail a’ cumail dlùth ris na h-amasan a bha ann o thùs agus a’ tairgsinn cothrom gun choimeas dhan a h-uile duine a tha ag obair air cuspairean Ceilteach, eadar sgoilearan stèidhichte agus oileanaich rannsachaidh, a bhith tighinn còmhla airson toraidhean an rannsachaidh a chompàirteachadh agus a dheasbad. Coltach ris na còmhdhailean a chaidh a chumail roimhe tha farsaingeachd an raoin gu math follaiseach agus sgoilearan an seo ann an Glaschu bho na dùthchannan Ceilteach air fad agus a’ riochdachadh co-dhiù 25 dùthchannan agus 130 oilthighean agus buidhnean.